An Dùbhlachd | December


Episode Artwork
1.0x
0% played 00:00 00:00
Dec 04 2024 2 mins  
Haidh a charaid,
An Dùbhlachd... nach eil a' bhliadhna air a dhol seachad ann am priobadh na sùla? Abair gu bheil mìos gu math trang air thoiseach oirnn, ach tha sinn a’ coimhead air adhart ri beagan fois fhaighinn cuideachd. A bheil an t-àm seo den bhliadhna a chòrdadh riut fhèin? Tha fios againn gu bheil e làn toileachais airson cuid de dhaoine, ach làn bròin do chuid eile. Ach, ’s e cothrom a th’ ann dhan a h-uile duin’ againn a bhith a' smaoineachadh air caoimhneas. Chan fheum e mòran a chosg, agus tha e a’ toirt togail cridhe dhut fhèin agus na daoine a tha mun cuairt ort. Seo dhut dòigh no dhà as urrainn dhuinn gaol a sgaoileadh:
Dh’fhaodadh tu nota a sgrìobhadh do chuideigin ag ràdh gu bheil thu taingeil air a shon.
Smaoinich air rudeigin milis a bhèicearachd airson do nàbaidhean.
Cuir feasgar seachad ag obair gu saor-thoileach. Dh’fhaodadh seo a bhith ge bith càit a bheil thu a’ smaoineachadh a dh’fhaodadh tu diofar a dhèanamh.
Thoir seachad nas urrainn dhut gu banca bìdh faisg ort.
Tadhail air seann nàbaidh a tha a’ fuireach leotha fhèin.
Dh’fhaodadh tu plaideachan a thoirt seachdad gu àite a tha a’ toirt fasgadh do bheathaichean gus an cumail blàth.
Ma tha thu a’ ceannach seòclaid teth anns a’ chafaidh, carson nach ceannaich thu rudeigin airson an duine air do chùlaibh cuideachd!
A bheil thu math air fighe, no obair-chroisidh? ’S dòcha gum biodh e spòrsail ad no sgarfa a dhèanamh do chuideigin aig nach eil mòran!
Gus reasabaidh fhaicinn a dh’fhaodadh a bhith feumail dhut, thèid gu LearnGaelic.scot > Coimhead & Èist > Coimhead Gàidhlig agus tagh Biadh.
Am bi thu fhèin a’ dèanamh rudan mar seo, no a bheil beachdan sam bith eile agad dhuinn? Chòrdadh e rinn cluinntinn bhuat gu mòr le post-d no air na meadhanan sòisealta againn!
Sin e bhuainne airson seachdain eile. Bho do charaidean aig sgioba LearnGaelic, mar sin leat.