Oidhche na taigeise | Burns night


Episode Artwork
1.0x
0% played 00:00 00:00
Jan 22 2025 2 mins  
Hi a charaid,

Dè do chor? An cuala tu riamh an dàn, Tam O' Shanter? Dè mu dheidhinn an òrain bhrèagha, My love is like a red, red rose? Bha iad seo air an sgrìobhadh leis a' bhàrd Albannach a b' ainmeile, Raibeart Burns. Air 25mh den Fhaoilleach a h-uile bliadhna, bidh daoine ann an Alba agus air feadh an t-saoghail a’ comharrachadh an latha a rugadh e ann an 1759.

Nach toir thu sùil air an rann seo le Aonghas Mac an t-Saoir a tha stèidhichte air òran gaoil le Burns, Highland Mary? ’S e seo eisimpleir de dh’òran Bhurns a tha ag obair glè mhath sa Ghàidhlig:

A bhruachan, uilld 's a thulaichean,
Mu chaisteal IONAR-IOCHAIDH!
Gur taitneach leam ur sruthanan,
'S ur bruthaichean fo neòinean!
Mu 'r cuairt biodh samhradh luiseanach
A' tuineachadh 'an conaigh!
Oir 's ann a ghabh mi cead gu bràth
De m' Mhàiri àluinn bhòidhich!

Seo dhut e ann am Beurla Ghallda thùsal:

Ye banks, and braes, and streams around
The castle o' Montgomery,
Green be your woods, and fair your flowers,
Your waters never drumlie!
There Simmer first unfald her robes,
And there the langest tarry:
For there I took the last Fareweel
O' my sweet Highland Mary.

Bha Raibeart Burns ann an gaol le Màiri, agus tha an t-òran seo a’ sealltainn a’ bhròin a dh’fhairich e mu a bàs agus na cuimhneachain a bh' aige oirre. Cha robh Màiri ach 23 nuair a chaochail i le fiabhras. Beatha sònraichte dha-rìribh a bh’ aig Burns, ach beatha le bròn agus duilgheadas mar a h-uile duin’ againn.

Gus a bheatha agus na coilean aige a chomharrachadh, bidh daoine ag aithris a bhàrdachd, ag èisteachd ri ceòl Albannach, agus ag ithe biadh traidiseanta mar thaigeis, bhuntàta is snèipean air Oidhche na Taigeise. Ma bhios tu aig suipear Burns aig an deireadh-sheachdain, tha sinn an dòchas gum bi e uabhasach fhèin blasta!
Chì thu ar smuaintean fhèin air an t-suipear aig LearnGaelic.scot > Coimhead & Èist > Look@LearnGaelic > Monologan agus brùth air Biadh, Deoch agus Ithe.

Sin e airson seachdain eile. Bhuainn uile aig LearnGaelic, tha sinn an dòchas gum bi Oidhche Burns sgoinneil agad!