Amasan na bliadhn' ùire | New year's goals


Episode Artwork
1.0x
0% played 00:00 00:00
Jan 28 2025 2 mins  
Haidh a charaid,
Bidh daoine tric ag ràdh gu bheil bliadhna ùr làn de chothroman ùra, nach bi? ’S urrainn dhut tòiseachadh as ùr, a’ smaoineachadh mu dheidhinn na h-amasan a th’ agad agus mar a tha thu airson an ùine a tha romhad a chleachdadh. Ach, tha e doirbh uaireannan smaoineachadh air dè dìreach a tha còir agad a bhith a’ dèanamh, nach eil? Seo dhut rud no dhà a tha sinne airson a bhith mar phàirt den 2025 againne!
Dè mu dheidhinn sgioblachadh an àrd timcheall an taighe? ’S dòcha gu bheil cus aodach agad anns na preasan? Dh’fhaodadh tu an stuth nach eil thu ag iarraidh a chruinneachadh agus a thoirt gu bùth carthannais - gheibh a h-uile duine buannachd às! ’S dòcha gum bi thu beagan leisg an toiseach, ach bidh thu a’ faireachdainn tòrr nas aotroime às dèidh làimh, ann an iomadh dòigh!
A bheil thu a’ faighinn a-mach cho tric ’s a tha thu ag iarraidh? Mur eil, carson nach gabh thu an cothrom faighinn a-mach mu chuairtean ùra, no spòrsan ùra as urrainn dhut fheuchainn a-muigh? Dh’fhaodadh tu slighe ùr a thaghadh far as urrainn dhut a dhol a-mach air an rothair, no cnoc a shreap nach eil thu air a bhith shuas ron a seo. Cha leig e leas a bhith ro dhoirbh no ro fhada... fhad ’s a tha thu a’ gluasad!
A bheil àite sam bith sònraichte ann a tha thu airson tadhal air? Ma tha, carson nach dèan thu planaichean a dhol ann am-bliadhna? Dh’fhaodadh seo a bhith anns an dùthaich agad fhèin, no am badeigin thall thairis. Tha fios againn uile mar a dh’fhaodas beatha atharrachadh ann am priobadh na sùla. Ma tha an cothrom agad splaoid a ghabhail, dall ort!
Mu dheireadh... chan urrainn dhuinn dìochuimhn’ a dhèanamh air rudeigin as urrainn dhut a dhèanamh fad na bliadhna, gach bliadhna, agus ’s e sin Gàidhlig ionnsachadh! Gus barrachd fhaighinn a-mach, thèid gu LearnGaelic.scot > Coimhead & Èist > Look @ LearnGaelic is tagh Ag Ionnsachadh Gàidhlig.
Ma tha beachdan sam bith eile agad, leig fios thugainn le post-d no air na meadhanan sòisealta!
Sin e airson seachdain eile. Bho do charaidean aig LearnGaelic, mar sin leat.